Leum air adhart chun phrìomh shusbaint
Centre for Teaching Excellence
  • Fo-ionadan
    Rannsachadh le Fòcas air Teagasg Foghlam Dùthchail agus Ionnsachadh airson Seasmhach Foghlam Gàidhlig Innovation in Pedagogy to Enhance Classroom Practice Pedagogy to Support Attainment in Diverse Classrooms Digital Education and Artificial Intelligence (AI) in Advancing Pedagogy
  • Tachartasan
  • Catalog de chùrsaichean
  • Ionad Taic
  • Barrachd
Lorg fad-làraich Dùin
Toggle search input
Gàidhlig ‎(gd)‎
English ‎(en)‎ Gàidhlig ‎(gd)‎
Log a-steach
Centre for Teaching Excellence
Fo-ionadan Lùghdaich Leudaich
Rannsachadh le Fòcas air Teagasg Foghlam Dùthchail agus Ionnsachadh airson Seasmhach Foghlam Gàidhlig Innovation in Pedagogy to Enhance Classroom Practice Pedagogy to Support Attainment in Diverse Classrooms Digital Education and Artificial Intelligence (AI) in Advancing Pedagogy
Tachartasan Catalog de chùrsaichean Ionad Taic

Centre for Teaching Excellence

Blocaichean

Leum seachad air Fàilte
Fàilte
ISMT Air-loidhne

Tha ISMT Air-loidhne a’ cur taic ri co-obrachadh nàiseanta le tidsearan a cheangal ri rannsachadh, ri ionnsachadh proifeiseanta, agus ri chèile tro ùrlar didseatach sùbailte.

Tro ISMT Air-loidhne:

  • Gheibhear fios mu thachartasan agus mu chothroman air ionnsachadh proifeiseanta a tha ri teachd.
  • Ruigear stuthan agus clàraidhean seiseanan
  • Gheibhear a-steach air deasbadan agus feòrachd phroifeiseanta
  • Co-roinnear goireasan agus eisimpleirean de chleachdadh
  • Cuirear ri fàs choimhearsnachdan de thidsearan air feadh na h-Alba

Tha an t-ùrlar air a dheilbh gus a bhith so-ruigsinneach, in-ghabhaltach agus taiceil don h-uile earrann, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig nam measg.

Tha clàradh furasta, tèarainte agus an-asgaidh. Cruthaich cunntas gus ruigheachd fhaighinn air an raon slàn de fheartan agus a bhith nad bhall de choimhearsnachd nàiseanta a tha daingeann a thaobh cleachdadh a leasachadh tro cho-obrachadh agus ionnsachadh a tha bonntaichte air rannsachadh.

Blocaichean

Leum seachad air Tha mi airson tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn…
Tha mi airson tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn…

Teagasg ann am Foghlam Gàidhlig

Eòlas-teagaisg bonntaichte air cànan, cultar agus àrainneachd a leasachadh taobh a-staigh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Ionnsachadh chum Seasmhachd

A’ cur an comas luchd-ionnsachaidh a bhith a’ teannadh ri eòlas, sgilean agus luachan a chum àm ri teachd a tha seasmhach.

Leasachadh Chom-pàirteachaidhean

A’ cruthachadh compàirteachaidhean purpasach le teaghlaichean, coimhearsnachdan agus co-obraichean a chum ionnsachadh a neartachadh.

Slàinte Inntinn & Sunnd

A’ leasachadh fiosrachadh, sgilean agus modhan obrach a chuireas taic ri slàinte inntinn agus sunnd a h-uile neach-ionnsachaidh.

Teagasg ann an Suidheachadh Dùthchail

A’ freagairt air àrainneachdan sònraichte foghlam dùthchail agus iomallach gus taic a thoirt do ionnsachadh brìoghmhor.

A’ Cleachdadh Rannsachadh

Teannadh ri rannsachadh agus fianais ann an dòigh bhreithneachail gus cleachdadh-teagaisg a shoillearachadh agus a leasachadh.

Eòlas-teagaisg Tuigse Innealta (TI) agus Foghlam Dhidseatach

A’ fighe cleachdaidhean didseatach agus bonntaichte air TI a-steach gus taic a thoirt do ionnsachadh agus teagasg agus sin a leudachadh.

Ùr-ghnàthachadh Eòlas-teagaisg ann an Cleachdadh

A’ leasachadh eòlas-teagaisg tro fheòrachadh, ùr-ghnàthachadh agus dòighean obrach a tha bonntaichte air rannsachadh.

Cruthachadh Chultaran airson Ùr-ghnàthachadh ann an Eòlas-teagaisg

A’ leasachadh chultaran proifeiseanta a chuireas taic ri feòrachd, ri co-obrachadh agus ri ùr-ghnàthachadh ann an eòlas-teagaisg.

In-ghabhail agus Iomadachd

A’ leabachadh dòighean-obrach in-ghabhalach agus cothromach a tha ag aithneachadh agus a’ cur luach ann an iomadachd luchd-ionnsachaidh.

Togail Chàirdeis

A’ togail chàirdeis agus a’ brosnachadh giùlan dòigheil.

An t-Ionad Sàr-Mhathais ann an Teagasg

Tha an t-àite seo a’ tarraing cothroman, tachartasan, Coimhearsnachdan Cleachdaidh, goireasan agus gnìomhachdan ionnsachadh proifeiseanta bho air feadh an Ionaid còmhla. Gheibhear clàraidhean, iomairtean co-obrachail, taic do luchd-dreuchd, agus goireasan air an roinn a chaidh a chruthachadh a chum ceangalan eadar luchd-teagasg a thogail agus gus taic a thoirt do ionnsachadh proifeiseanta leantainneach air feadh na h-Alba.

Leum seachad air Ionadan Rannsachaidh
Ionadan Rannsachaidh

Rannsachadh le Fòcas air Teagasg

Tha am Prìomh Fo-ionad Rannsachaidh le Fòcas air Teagasg ri lorg ann an Sgoil Fhoghlaim Oilthigh Ghlaschu (Campas Ghilmorehill). Tha e a’ toirt taic do na fo-ionadan eile air fad le bhith a’ cruthachadh stuthan teagaisg, a’ cur ghnìomhachdan an comas, agus a’ toirt taic ro-innleachdail do obair rannsachaidh an ISMT. Tha mion-fhiosrachaidhean rannsachaidh, panailean agus seiseanan fìor-eòlaichean, agus tachartasan, a’ cur cuideam air leasachadh a dhèanamh air, agus taic a thoirt do, chom-pàirteachas chleachdaidhean-rannsachaidh. Tha coimhearsnachdan cleachdaidh gan cur air bhonn gus taic a chur ri obair rannsachaidh thidsearan, tha sgrùdadh luchd-cleachdaidh a’ cur cuideam air dol an sàs ann an rannsachadh, agus a’ cur an comas fiosrachadh agus builean a cho-roinn thairis air na fo-ionadan air fad.

Tuilleadh Fios

Foghlam Dùthchail agus Ionnsachadh airson Seasmhachd

Tha am Prìomh Fo-ionad airson Foghlam Dùthchail agus Ionnsachadh chum Seasmhachd ri lorg ann an Sgoil Sheasmhachd Shòisealta agus Àrainneachail Oilthigh Ghlaschu (Campas Dhùn Phrìs). Tha e a’ toirt taic aghaidh-ri-aghaidh agus didseatach do thidsearan ann an sgìrean dùthchail na h-Alba gus a dhol an sàs ann an rannsachadh agus a chleachdadh tro sgrùdadh neach-cleachdaidh, coimhearsnachdan cleachdaidh agus com-pàirteachas chleachdaidhean-rannsachaidh.

Tuilleadh Fios

Foghlam Gàidhlig

Tha am Fo-ionad airson Foghlam na Gàidhlig ri lorg ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, agus tha e a’ toirt taic - aghaidh ri-aghaidh agus air-loidhne - agus gnìomhachd a tha bonntaichte air rannsachadh, do thidsearan air feadh na h-Alba a tha ag obair ann am foghlam Gàidhlig. Le cuideam air rannsachadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta a thaobh foghlam bogaidh, bidh mion-fhiosrachadh rannsachaidh, coimhearsnachdan cleachdaidh, còmhraidhean proifeiseanta agus com-pàirteachas rannsachaidh gan tabhann, a’ cur taic ri pàirt a ghabhail ann am feòrachadh luchd-c

Tuilleadh Fios

Ùr-ghnàthachadh ann an Eòlas-teagaisg gus Cleachdaidhean Clas a Thoirt am Feabhas

A’ toirt taic do thidsearan ann a bhith a’ sgrùdadh agus a’ leasachadh dòighean-obrach a tha ùr-ghnàthach agus bonntaichte air rannsachadh.

Tuilleadh Fios

Eòlas-teagaisg a chuireas taic ri buileachadh ann an seòmraichean clas eadar-mheasgte

A’ cuideachadh tidsearan ann a bhith a’ sgrùdadh cuspairean co-cheangailte ri buaidh càirdeas air taic a thoirt do ghiùlan, eòlasan-teagasg in-ghabhaltach a bheir taic do luchd-ionnsachaidh eadar-mheasgte, agus a bheachdaicheas air Slàinte Inntinn agus Sunnd luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh tro fheòrachd, co-obrachadh agus ionnsachadh proifeiseanta.

Tuilleadh Fios

Foghlam Didseatach agus Tuigse Innealta (AI) ann an Leasachadh Eòlas-teagaisg

A teannadh ri rannsachadh, feòrachd agus ùr-ghnàthachadh ann am foghlam didseatach agus TI ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh proifeiseanta.

Tuilleadh Fios

Blocaichean

Leum seachad air Login
Login
Cruthaich cunntas ùr
Facal-faire air chall?

Blocaichean

Leum seachad air Faigh susbaint bhon Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg
Faigh susbaint bhon Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg

Cleachd na criathragan gu h-ìosal gus stuthan ionnsachaidh uile an Ionaid a bhrobhsadh. Faodar lorg a-rèir cuspair, tro “Tagaichean Cùrsa Uile” no inbhe a’ chùrsa.

Ceann-là tòiseachaidh a' chùrsa
Ainm slàn Ceann-là tòiseachaidh a' chùrsa Ainm a' chaiteagoiridh Putan cùrsa Taga Cùrsa
Coimhearsnachd Ionnsachaidh airson tidsearan ùra na Gàidhlig 24/08/26 Communities of Practice
Activity Type: Community of Practice, Hub: Gaelic Education, Language: Gaelic
Research Brief: An introduction to the Centre for Teaching Excellence’s research briefs 23/06/26 A’ Cleachdadh Rannsachadh
Activity Type: Research Brief, Hub: Teaching-Focused Research
Event: Health & Wellbeing Expert Panel 22/06/26 Tachartasan
Activity Type: Event, Hub: Pedagogy to Support Attainment in Diverse Classrooms, Language: English
Event: Counselling Skills Expert Panel 17/06/26 Tachartasan
Activity Type: Event, Hub: Pedagogy to Support Attainment in Diverse Classrooms, Language: English
Showing 1 - 4 of 43
  • Roimhe
  • 1
  • 2
  • 3
  • ...
  • 11
  • Ath

Aithris Sho-ruigsinneachd

© 2026 University of Glasgow
Cuir fios gu taic na làraich
Chan eil thu logaichte a-steach. (Log a-steach)
Policies
Air obrachadh le Moodle