List of active policies

Name Type User consent
Centre for Teaching Excellence Privacy Statement Privacy policy Authenticated users

Summary

CfTE Privacy Policy

Full policy

An Dàta Pearsanta Agad

Bidh Oilthigh Ghlaschu na ‘Rianaire Dàta’ air an dàta pearsanta agad a thèid a làimhseachadh mar thoradh air do ruigheachd air Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (siostam Moodle) an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg. Mìnichidh an sanas prìobhaideachd seo ciamar a thèid an dàta pearsanta agad a làimhseachadh le Oilthigh Ghlaschu.

Carson a tha feum againn air

Tha Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail Moodle ISMT (An t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg) a’ clàradh agus a’ cleachdadh am fiosrachadh pearsanta agad a chum:

  • Cunntas a thoirt dhut agus d’ aithneachadh taobh a-stigh Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT
  • Smachd a chumail air ruigheachd gu diofar phàirtean de dh’Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT mar a bhios iomchaidh
  • Ruigheachd a thoirt dhut air cùrsaichean iomchaidh agus na stuthan agus na goireasan a tha nan cois air Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT
  • An comas a thoirt dhut fiosrachadh àraidh ann an cùrsaichean air a bheil thu clàraichte a luchdachadh a-nìos, a cheartachadh agus a dhubhadh às, far a bheil cead agad sin a dhèanamh.
  • Cuideachadh le taic a thoirt dhut mar neach-cleachdaidh Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT
  • Taic a chur ri rianachd an t-siostaim agus ri rèiteachadh dhuilgheadasan.
  • Cunntas a thoirt air ruigheachd chùrsaichean, ghoireasan agus ghnìomhachdan, crìochnachadh ghnìomhachdan, crìochnachadh chùrsaichean, agus dàta cùrsa far a bheil sin iomchaidh.

Nuair a chlàras tu leis an t-seirbheis seo agus a chruthaicheas tu cunntas neach-cleachaidh

Aig àm clàraidh, cruinnichidh Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT beagan dàta pearsanta, leithid d’ ainm (ciad ainm agus sloinneadh), seòladh post-d, ainm-cleachdaidh, roinn, far a bheil an sgoil agus dàta roghainneil sam bith eile, m.e. baile, an dùthaich anns a bheil thu a’ fuireach, ùghdarras ionadail, speisealachadh a thaobh cuspair, dreuchd agus ainm sgoile cho math ri mion-fhios mu na cùrsaichean air a bheil thu clàraichte.

Dàta co-cheangailte ri com-pàirteachadh ann an cùrsa

Tha fiosrachadh logaichean ghnìomhachd mun ghnìomhachd agad taobh a-staigh gach cùrsa cuideachd ann an Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT. Tha seo a’ gabhail a-steach an ceann-là agus an uair aig an deach coimhead ri fiosrachadh sònraichte mun chùrsa agus/no ùrachadh a dhèanamh air, agus seòladh an t-inneal às an deach a ruigheachd.

Tha logaichean gnìomhachd gan cleachdadh gus rannsachaidhean luchd-taic Teicneolas Fiosrachaidh (TF) a chuideachadh nuair a bhios trioblaidean aig luchd-cleachdaidh ann a bhith a’ cleachdadh na seirbheis, agus gus sealbhadairean/ rianairean cùrsa a chuideachadh ann a bhith a’ toirt taic do chom-pàirtichean a’ chùrsa. Chan eil ruigheachd gus na logaichean cùrsa uile fhaicinn ach aig riochdairean ceadaichte luchd-taic TF. Chan fhaod sealbhadairean/rianairean cùrsa ach logaichean chùrsaichean a tha fon cùram fhèin fhaicinn.

Tha fiosrachadh mu na chuireas tu ri cùrsaichean, a’ gabhail a-steach cur ri fòraman deasbaid, sealbhadaireachd ghoireasan, cur a-steach mheasaidhean agus comharran (mas iomchaidh) agus gnìomhachdan eile suidhichte ann am Moodle air a chumail anns an t-siostam.

Dh’fhaodadh fiosrachadh pearsanta eile a bhith air a chumail taobh a-staigh chùrsaichean fa leth, biodh sin ann an sgrìobhainnean/goireasan a chaidh a luchdachadh a-nìos don chùrsa, no am broinn ghnìomhachdan anns a’ chùrsa a bharrachd air cur ri seòmraichean còmhraidh agus fòraman deasbaid a thèid a chur a-steach le daoine fa leth ann an dreuchd phearsanta. ’S ann an urra ri rianairean/sealbhadairean cùrsa a tha am fiosrachadh a tha air a chumail mud dheidhinn a dh’fhaodas a luchdachadh a-nìos gu cùrsaichean den leithid.

Bonn laghail an dàta agad a làimhseachadh

Feumaidh bonn laghail a bhith againn a thaobh làimhseachadh dàta phearsanta sam bith. Anns an suidheachadh seo, ’s e Cùmhnant am bonn laghail.

Cuiridh clàradh le Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT Oilthigh Ghlaschu agus cunntas neach-cleachdaidh a chruthachadh an comas cothrom air na goireasan agus na seirbhisean a th’ air an tabhann taobh a-staigh Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail ISMT an ruigheachd agus an cleachdadh.

’S e ùrlar le Oilthigh Ghlaschu a th’ ann am Moodle CfTE. Dheidheadh beachdachadh air draghan sam bith mu dheidhinn cleachdadh na seirbheis fo phròiseasan stèidhichte an Oilthigh, le taic bho chlàran an t-siostaim mar is iomchaidh.

Na nì sinn leis agus cò leis a thèid a roinn

Tha ruigheachd aig Sgioba Taic Moodle Seirbhisean Taice Fiosrachaidh Oilthigh Ghlaschu air am fiosrachadh gu lèir a th’ air a stòradh taobh a-staigh Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT air adhbharan taic obrachaidh agus cumail suas.

Tha Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT air òstaireachd le reiceadair on taobh a-muigh, Synergy Learning, a tha fo chunnradh taic teicnigeach a bharrachd a thoirt don t-seirbheis. Bidh ruigheachd iomchaidh aig riochdairean taic teicnigeach gus cuideachadh le taic a thoirt don t-seirbhis seo.

Tha ruigheachd dàta pearsanta an luchd-cleachdaidh uile a tha clàraichte air na cùrsaichean a tha leotha/a tha iad a’ rianachd aig sealbhadairean agus rianadairean chùrsaichean. Faodaidh an luchd-cleachdaidh seo fiosrachadh loga luchd-cleachdaidh ghnìomhachd fhaicinn do na cùrsaichean aca fhèin a-mhàin.

Cha tèid fiosrachadh pearsanta a th’ air a chumail air Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT a roinn uair sam bith le treas phàrtaidhean ach nuair a tha thu air cead a thoirt air a shon.

Dh’fhaodadh iomradh gun ainm a thoirt air an dàta cuideachd do Riaghaltas na h-Alba air adhbharan staitistigeach mar a thathas a’ meas iomchaidh.

Cho fada sa thèid a chumail

Faodar fiosrachadh agus dàta a chaidh a luchdachadh a-nìos gu Àrainneachd Ionnsachaidh Bhiortail (Siostam Moodle) ISMT, a’ gabhail a-steach cunntasan, cùrsaichean, agus cur ri cùrsaichean, cur ri seòmraichean còmhraidh agus fòraman deasbaid nam measg, sealbhadaireachd chùrsaichean agus fianais air pàirt a ghabhail ann an gnìomhachdan eile ann am Moodle, a chumail cho fada sa tha e riatanach gus a’ chùrsa/na cùrsaichean air a bheil thu clàraichte a lìbhrigeadh agus a rianachd.

Dubhaidh pròiseas fèin-obrachail às cunntasan air nach robh gnìomhachd sam bith fad 5 bliadhnaichean no barrachd.

Na còraichean agad*

Faodaidh tu ruigheachd iarraidh aig àm sam bith air an fhiosrachadh a tha sinn a’ làimhseachadh mud dheidhinn. Ma tha thu den bheachd aig àm sam bith nach eil am fiosrachadh a tha sinn a’ làimhseachadh co-cheangailte riut ceart, faodaidh tu iarraidh am fiosrachadh seo fhaicinn agus ann a cuid de shuidheachaidhean, iarraidh gun tèid cuingealachadh a chur air, gun tèid a cheartachadh, no gun tèid a dhubhadh às. Dh’fhaodadh gum biodh còir cur an aghaidh làimhseachadh dàta agus còir gluasadachd dàta agad cuideachd.

Ma tha thu airson gin de na còraichean seo a chleachdadh, cuir an t-iarrtas agad a-steach tron fhoirm-lìn no cuir fios gu dp@gla.ac.uk.

*Thoir an aire gu bheil an comas na còraichean seo a chleachdadh caochlaideach agus a rèir a’ bhuinn laghail air a bheil an làimhseachadh ga dhèanamh.

Iomraidhean luchd-cleachdaidh

Tha duilleag iomraidh aig a h-uile neach-cleachdaidh. Gheibhear thuige le cliog a dhèanamh air Iomradh ann an clàr-iùil an luchd-cleachdaidh, aig mullach an sgrion air an làimh dheis. Air an duilleag seo tha ceangalan gu duilleagan eile a leigeas leat am fiosrachadh agus na roghainnean agad san iomradh a dheasachadh, postaichean fòram agus bloga fhaicinn, agus sgrùdadh a dhèanamh air aithisgean sam bith air a bheil ruigheachd agad.

Gearanan

Ma tha thu airson gearan a dhèanamh a thaobh mar a chaidh an dàta pearsanta agad a làimhseachadh leinn, faodaidh tu fios a chur gu Oifigear Dìon Dàta an Oilthigh, a nì rannsachadh air a’ chùis.

’S urrainn fios a chur chun Oifigear Dìon Dàta againn aig dataprotectionofficer@glasgow.ac.uk

Mura h-eil thu riaraichte leis an fhreagairt againn no mura h-eil thu den bheachd gu bheil sinn a’ làimhseachadh an dàta phearsanta agad a rèir an lagh, faodaidh tu gearan a dhèanamh gu Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh (ICF) https://ico.org.uk/